Òran air na Croitearan

Luinneag.
Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(I)
Bu chogadh ’bha ’m bheatha bho ’n dh’fhàg mi bhith m’ phàisd,
’S gur tric a bha m’ fhallus ri frasadh gu làr,
’S nach fhaighinn an cadal le goirteas mo làmh,
’S mi gun aodach, gun chaiseart nuair phàighinn an màl.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(II)
Air uachdarain an fhearainn cha b’ aineolach mi,
A thog an cuid mhàiltean cho àrd ri tri-fìllt;
’S iomadh sean agus òg a bha chòmhnuidh ’san tìr
’Rinn sibh fhògradh air aineol gun leaba, gun dìon.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(III)
’S ma thig oirnn na nàimhdean a nall thar a chuain,
Gu’m bi ceannardan Shasuinn ag agradh gu cruaidh,
Ag ionndrainn nan Gaidheal ’sna blàir bu mhór buaidh,
Le ’n cuid bhiodagan stàilinn ’s tric ’rinn àr air feadh sluaigh.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(IV)
Luchd nam féilidhean ballbhreac bha ainmeil ’s gach lìnn,
A ghleidheadh an larach is onair an rìgh,
Tha’n diugh air an sgapadh ro fhada bho ’n tìr
’S a bheil cnàmhan an seanar na ’n laigh anns a chìll.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(V)
Chaidh na Gàidheil a sgapadh mar mholl leis a ghaoith,
’S cha ’n fhaic mi ’n diugh gruagach air buail’ a chruidh laoigh,
Ged théid mi air astar cha’n fhaic mi ’sna glìnn,
Ach ciobair le ’bhreacan ’tarruinn bragsaidh nam miol.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(VI)
Cha dean caoirich ’s crodh ballach, ’s cho mhó ni na féidh;
’S cha dean ciobair no geamair le ’n cuid mhadaidh air féill,
An àite nan gàisgeach ’sna blàir bu mhór euchd,
Ged a rinn sibh an sgiùrsadh gu dùthchannaibh céin.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(VII)
Cha’n fheil rioghachd air thalamh ’s am bidheadh na séoid,
Nach doireadh dhaibh fearann bho’n deanadh iad lòn,
Ach Breatann mór uaibhreach le h-uaill is le ’spòrs,
’Rinn na laghannan cruaidh’ tha toirt bhuainn ar tigh’nn beò.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(VIII)
Ri riaghailtean Shasuinn is Alba le chèil’,
Cha’n fhaighear cho tàireil an àite fo ’n ghréin;
Tha miolchoin ga’m biathadh le fialachd is spéis,
’S na leanaban lag tana le gainnid a bhéidh.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(IX)
Gach cearc bh’ air an fharadh aig boirionnach truagh,
’Bha gun bho aic’ gun ghearran, gun chaora, gun uan,
Ged b’ e sud a cuid stòrais ’s a lòn dhi ro chruaidh,
Le ordagh an t-siorraim gu ’n dugadh iad bhuaip’.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

(X)
Bidh gach diùc is fear-fearainn ’an diomb ruinn gu léir
’Chionn bhith ’g iarraidh an àit ’bh’ aig ar pàrantan féin,
Ach seasaibh gu daingeann is tagraibh gu treun,
’S bidh agaibh buaidh làrach ’s thig iadsan fo ghéill.

Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,
Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,
Fal o hog i o, agus ó haro hì,
Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.

Le Lachainn mac Néill mhic Dómhnaill mhic Iain Mac Gilleathain no Lachainn Néill.

(Sgríobh an bàrd so sin air 1885 no ri linn Cogadh na Croitearan no Cogadh nam Fhearainn eadar 1881 gu 1913. Ach sgríobh e sin so mu 1885 gu h-áiridh gun teagamh. Bhuaidh na Croitearan an caithream an-mhor air 16mh Dàmhair 1885 thairis na Gàedhealtachd nuair a fhuair ead suidhean cuid mór a-staigh riaghaltas Sasuinn ann san Iar-Mhainistir. Agus bhuaidh ead sin an-so ri linn toghchán móra sa bhliadhain ann cuideachd. Chuir sin eagal an-mhor a-staigh Sasuinn agus na tighearnan talamh gu h-áiridh gun teagamh. Sgríobh Lachainn Néill an t-òran so nuair a bh’ e ’muigh air nam Machairean Móra sa Ghleann Uisge Dhearg, Dùthaich nan Craobh Tuath.)