Luinneag.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(I)
Saoghal buan le buaidh ’s le rian dhuit,
Gu bhith ’dol gun dàil a riaghladh
Dùthaich mhaiseach nam fear fialaidh,
Nan earb’, nam fiadh, is nam bradan.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(II)
Thug an sluagh le urram spéis dhuit
Dh-aindheoin olc luchd tuaileas bhréige,
’S rinn iad àite suidhe réidh dhuit
’An Saint Stéphens (Naobh Stíofáin) ann an Sasunn.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(III)
Moch Di-Ciadain bha sinn deonach
Gu bhith dìleas dhuit ’sa chomhstri;
Ach am bàt’ a b’ fhearr a sheoladh
Cha digeadh e a chòir a chala.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(IV)
Thug sinn bàt’ air uallach guaille
’Chean Loch Ghot, ’s b’ e port a chruadail,
’Dhol gu Muile nam beann fuara
Dh’ aindheoin doinionn cuain is gaillinn.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(V)
Ghabh an t-Eileineach a cùrsa,
’Gearradh geal nan tonnan dùbh-ghlas;
Shaoil mi gu’m b’ e Ceap an Dùitsich
Fearann Mhuile dlùth air Stafa.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(VI)
Gaidheil an Rois Mhuilich fhuair sinn
Cridheil, caoimhneil, aoibheil, uasal;
Siol nam fear a’s fhad o’n chualas
A chuireadh an ruaig ’s a leanadh.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(VII)
B’e Di-Ciadain lath’ a chruadail
’S Earra Ghaidheal riut aig tuasaid;
Anns an fhichead blàr bha buaidh leat.
’S lean thu ’n ruaig le luchd nam breacan.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(VIII)
’N ath Dhi-Luain bha sgeula gairdeachais
Aig uile Chlann nan Gaidheil;
Ach bha beanntan Earra Ghaidheal dhuit
Le barrachd gràidh a lasadh.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(IX)
Teine mòr air beanntan uaine,
Piobairean a cluich gu h-uallach;
’S bha guth gairdeachais an t-sluaigh
A togail fuaim a ghluais Mactalla.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(X)
Bidh na bàird a deanamh òrain,
Anns gach coill gu’n seinn an smeorach;
’S cha’n fheil fear do ’m buin an céol sin
Ach luchd-tagar còir an fhearainn.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(XI)
Tha do chàirdean leat gu d’ chòmhnadh,
Gu bhith seasamh taobh na còrach;
Tearlach Friseal-Mac-an-Tòisich,
’S an t-Urramach òg Mac Caluim.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(XII)
Tha iomadh Ahab foilleil dalma
’N diugh ’an Gaidheltachd na h-Alba,
’S b’ fhearr gu’m faicinn fuil gach cealgair
Is a charbad fo na madaibh.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(XIII)
Thigeadh “Tim an Obain” sabhailt,
Mar cholman Noah do’n airc,
Le fios gu’n robh an tuil air tràghadh,
Ged a chuir i fàs an talamh.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
(XIV)
Bliadhna mhath ùr don Bhànruinn,
Is do Ghladstone, ’s Domhnall Mac Phàrlain,
Gu bhith tabhairt ceangail làidir
Do na Gaidheil air an fhearann.
Tir nam beann nan gleann ’s nam breacan,
Tir nam beann nan gleann ’s nan gaisgeach!
Fàilt is furan Dhomhnall Mhic Phàrlain
’N dùthaich nam beann ard’ ’s nam breacan.
Le Iain Mac Gilleathain.
(Sgríobh e sin an-so nuair a bh’ e air nam Machairean Móra sa Gleann Uisge Dhearg nuair a bhuaidh Dómhnall Mac Phàrlain suidhe ’staigh Toigh Iar-Mhainistir, Lunnainn, Sasuinn air 16mh Dàmhair 1885. Bha Dómhnall Mac Phàrlain Fíor Gáidheal agus dh’obair ’s shabaid e fhé le talamhan chun na Croitearan thairis na Gàedhealtachd le bhliadhnichean an-fhada.)