Òran Chaluim Sgàire – Amhran Chaluim Sgàire

Sèist:
Air fà lè lò ra u
Air fà lè lò ra u
Air fà lè lò ra u
Hog I ò na hòro ì

(I)
Och nan och! Gur trom m’osnaich,
‘S fhada bho mo luaidh a-nochd mi,
Mise tuath an Cuan Lochlainn
Is is’ aig Loch an Fhir Mhaoil.

(II)
Ach fhuair mi nise làn ordugh
Air an t-soitheach a sheòladh,
is ‘s ann a stiùireas mi an t-sròn aic
Air MacDhomhnaill a’ chaoil.

(III)
Dh’fhalbh i ghluais i leinn dhachaigh,
Rinn i cùrs’ leinn air Arcaibh,
Siùil ùra ri crannaibh
Dol gu snasail ri gaoith.

(IV)
Nuair a leig sinn air falbh i,
Thànaig cuideam na fàirrg’ oirr’
‘S thuirt gach ball a bha garbh innt’
‘S ann tha m’ earb-s’ san fhear chaol.

(V)
Thuirt na siùil a dh’aon èighe,
“Bithibh ‘n guaillibh a chèile
Gus nach fhaicear ri reubadh
Aon bhrèid tha bhos a cionn

(VI)
Thuirt an crann riutha nuair sin.
“Tha sibh gearan gu h-uimhreach!”
Mhionnaich rigeans an fhuaraidh
Nach gluaist’ iad a-chaoidh

(VII)
Bha i sìnt’ air a h-asainn,
Sac ri gualainn an asgaidh
Dol tron a’ Chuan Arcach,
Tìde-mhara ‘s i leinn.

(VIII)
Ged as math a bhith seòladh,
‘S olc a tha e gam chòrdadh:
‘S mòr gum b’fheàrr a bhith ‘m Bòstadh
A’ cur an eòrn’ anns an raon.

(IX)
Dol seachad am Butt dhuinn,
Chaidh am fòrsail a leagail
‘S chaidh an t-àrd-sheòl a sheatadh
Gus a greas’d gu mo ghaol

(X)
Tighinn a-nuas mu Aird Bharbhais,
Thàinig soirbheas oirr’ bhon eardheas
Is ‘s ann a shamhlaich falbh I
Ris an earb air an raon.

(XI)
Tighinn a-nuas mun a’ Chumhal,
Bha ‘m bàta ‘na siubhal,
Is fear a’ chùl-chinn bhuidhe
‘Na shuidhe air an stiùir.

(XII)
Nuair a nochdas i air fàire,
Bithidh mo leannan ag ràitinn,
“Seallaibh soitheach aig Cràgam –
Calum Sgàire tha e innt’.”

(XIII)
‘S mi nach bitheadh fo chùram
An am bhith togail mo chùrsa
Nuair a nochdadh an Stùigh rium
Leis an tùr a bha innt’.

Nuair a ràinig sinn Gasunn,

(XIV)
Chaidh na siùil aice phasgadh,
Chaidh an teinne ma claigeann,
‘S chaidh na balaich gu tìr.

(XV)
Thug iad ‘Express’ mar ainm oirr’
‘S m’ fhacal-sa nach robh i cearbach,
‘S nan robh agam-sa dh’inbheas
Bheirinn ainm oirr’ dhomh fhìn.

(XVI)
Nuair a ràinig mi ‘n cruadhlach,
Thug mi sùil air mo ghualainn,
‘S ann a chunnaic mi ghruagach
A’ dol mun cuairt air an nì.

(XVII)
Nuair a dhìrich mi bhruthach
thilg i bhuarach ‘s an cuman,
‘S thuirt i “‘S suaimhneach an diugh mi:
Seo e cuspair mo ghaoil!”.

(XVIII)
Rinn iad fòineart air mo leannan,
Thug iad pòsadh oirr’ dha h-aindeoin,
Ach nam bithinn-s’ aig baile,
Chluinnist forfhuaim air dùirn.

(XIX)
Ach nam bithinn-s’ aig baile,
Fad samhraidh is earraich,
‘S mi nach leigeadh mo leannan
Le balach gun strì.

(XX)
Nam bithinn-s’ an làmh riut
Nuair thug thu do làmh dhith,
‘S ann a dh’fhaodadh do chàirdean
Dhol a charadh do chinn.

(XXI)
Nuair a ràinig mi dhachaidh,
Bha mo mhàthair ‘na cadal,
‘S bha m’ athair a’ spealadh
Muigh air machair a’ mhaoir.

Le Caluim Sgàire MacAmhlaigh (1822 gu 1902)

(‘S òran gaoil seo gun teagamh, agus tha seo sgeul mu Caluim Sgàire Chaluim MacAmhlaigh nuair a thuit e gu gràdh airson Maighread Chaluim Néill NicLeòid. Ach dh’ iarr teaghlach ‘s clann Maighread do chur i ri chéile san phòstadh leis Aonghus Bàn Dòmhnullach, mar bha saibhir mór agus airgid an-mhath aige fhé, ‘gus rinn Caluim Sgàire ‘gus Maighread pleann rúnnda do reith a-mach thairis nan tonn ri chéile. Ach ri linn an oidhche nuair a chaidh iad ri chéile do reith a-mach, fhuair iad chall san dhorchas agus cha robh iad a-nonn do thoir ri chéile. Agus thàinig creid aig Caluim Sgàire char thàinig Maighread a-mach annsin agus bha creid aici Maighread an sgeul seo mu Caluim Sgàire. Agus as dheidh sin, phostadh i gu Aonghus Bàn agus dh’ fhàg Caluim Sgàire ‘mach as Leòdhais agus a-mach as a’ Seann Ghaidhealtachd agus chaidh e thairis nan tonn gu Cuidhbeig, sa Chanada san Dùthaich nan Craobh, agus dheun e sin sa bhliadhna 1851. Agus char thill e chun dachaigh a-rithist. Dh’ fhàg e ‘mach ri linn Ár Mhór agus chaochail Maighread san àm gheàrr as dheidh sin mar fhuair do chroidhe bhriste leatha san bhliadhna 1856.)