Luinneag:
’S toigh leam fhìn fear donn an fhèilidh,
Gìomanach a’ ghunna ghleusda,
’S toigh leam fhìn fear donn an fhèilidh.
(I)
’S toigh leam fhìn an ceann-cinnidh
Sim Òg Mac ’ic Shimidh;
Cò tha beò nach gabhadh cion ort
Nuair a chìteadh deas fo d’ èideadh?

(II)
’S math thig osan air do chalpa,
Biodag agus bucail airgid,
Rioban shìoda air boineid ghorm
’S breacan dearg fos cionn an fhèilidh.

(III)
Tha thu measail, cliùiteach, mùirneach,
Friseilich o Chaisteal Dhùnaidh,
Lìon as àirde gràdh do dhùthadh
Mùirneach, cliùiteach, beusach.

(IV)
Shiubhlainn leat Gleann Innis, Srath Lòchaidh,
Gleann Srath Afraig nam beann mòra,
’S Àird Srath Fharaigeag do Mhòrar
An Fhraing ’s An Olaind leat nam b’ fheudar.

(V)
Pearsa dhìreach, fhìnealt’, àlainn,
Beul sìobhalt’ ’s cridhe gràdhach
Inntinn sheòlta ’s foghlamt’ àrd,
A labhras Gàilig agus Beurla.

(VI)
’S tu meur as àird’ an coille na Mormhaich,
Cumail fàsgadh ri latha stoirmeil,
Mac is òige de ’n da mhorfhear,
Albannach fo airm ’s fo èideadh.

(VII)
’S tu athair nan duine-uasal
Math gu tathaich ’s gu tuath;
Beannachd dìlleachdan is truaghan,
Is leannan nam bean-uasal beusach.

Le Alasdair Friseallach (1795 gu 1862)
Agus
Aonghas a’ Geanach / Aonghas Mac GilleFhaolain (1892 gu 1978)
(Tha ’n òran seo mu Simidh mac Shimidh Mór (1828 gu 1887) agus dh’obair e airson nan tighearna talamh na h-àite mu cheanntar Srath Ghlais agus Mòrar ann Loch Abar. Fhuair an òran seo shabhail le làmh Aonghas Mac GilleFhaolain no Aonghas a’ Geanach, agus thug e ’n òran seo chun daoine na h-àite ‘gus gu daoin’ eile cuideachd.)