Mo sheanair na [dhuine] fhigheadair agus cò bhiodh e freasdal dhà, agus ’s e a b’ òige den teaglach, ach m’ athair ag obair air na h-iteachan agus rudan seo a dhèanadh airson na beairt. Agus ag obair air sin. Agus a’ cumail an t-solaist dha. Cha robh ach an uair ud, ’eil thu faicinn, pios mòr de ghiùthsaich na teine no na chrùiseag agus ’s e mo sheanair…m’ athair a bha cumail seo air dòigh dha gus am figheadh san fhiodh. Bha na bodaich a’ tighinn a-staigh a’ coimhead air mo sheanair agus iad cho eòlach air bruidhinn agus air a h-uile àite bha san dùthaich riamh…seòrsa mo sheanair. Agus ann an seo bha m’ athair ag èisdeachd ris na naidheachdan a bha e a’ cluinntinn. Agus bha cuimhne aige nach robh aig duine san dùthaich. Dh’innseadh e, rachadh e a-staigh don chladh thall ann an sin ann am Blàr Odhar, agus dh’innseadh e a h-uile duine riamh bha nan laighe is rachadh e cho dìreach thun uaigh ’s rachamaid thun an t-seathair a tha sin…a h-uile duine a bh’ ann. Cò nì an-diugh e a’ chuimhe a bh’ aige…
…Dar a bha mise beag agus òg feadh siud, bhiodh feadhainn a’ tighinn a-nall a dh’fhaodainn na naidheachdan seo bho m’ athair leis gun robh fhios aca gun robh e aig an Fhigheadair. Agus bha pàirt de na naidheachdan a bhiodh am Figheadair ag innse agus tha math air taighean a thogail agus ag obair aig bonn ann an sin. ’S e sin na naidheachdan a bhiodh aige. Agus tha e bruidhinn air naidheachdan agus naidheachdan bochd is brònach a thachair anns an dùthaich agus sgeulachdan mar sin. Bhiodh iad a’ gal…bha e cho math sin air naidheachdan. Bha m’ athair ag èisdeachd ri seo agus bha iad aige agus aig feadhainn a dh’faighneachd dha m’ athair mu dheidhinn na naidheachdan a bhiodh ann agus bhiodh e gan innse agus bhitheamaid nuair sin mun teine ruith air ais ’s air adhart ann an siud agus ’s ann smàd iad a-mach sinn agus theireadh iad, “falbh agus cluith sibh fhèin mach air an deigh.” Bha sinn a’ falbh nuair sin ri sleamhainneachadh air an deigh agus gun aon ghuth againn air na naidheachdan math a bha a’ dol seachad. Agus ’s ann a’ dol an àird anns na bliadhnaichean…beagan bhliadhnaichean mun do chaochail m’ athair ’s ann a phiochd mi beagan a fhuair mi ’s chan eil sin ach glè bheag.
Le Iain Beag (1876 gu 1964)
(Seo agallamh eadar Iain Beag Dòmhnallach an seanchadh mór, agus Caluim Iain Mac Gilleathain, agus bh’ iad ‘cainnt mu seannchus agus beul-athiris ann san Loch Abar. Fhuair Iain Beag eòlas an-mhor as d’ athair aige fhèin)